Àiteachan Alba ’10

Mar a thuirt mi sa Bheurla*, tha mi airson a dhol a dh’Alba san t-samhradh seo – an dèidh trì bliadhna deug. Cheannaich mi cuairt Lùnasdail bho ionad-siubhal agus Disathairne sa chaidh, thug mi sùil air ainmean nan àiteachan air a tha iad (sinn) an dùil tadhal.

Tha mi a’ ciallachadh gum faca mi dha na liostaichean aig Iain Mac an Tailleir, Wikipedia Bheurla agus làrach-lìn no dhà eile dè na h-ainmean a tha air na h-àiteachan sa Ghàidhlig. Lorg mi cuid mhòr dhiubh, ‘s mar sin, faodaidh mi sgrìobh an-seo a-nis cò aca a tha nas cudromaiche dhomh.

Tha mi air a bhith sa’ chuid as motha dhiubh mu thràth. Gu nàdarrach: bidh ionadan-siubhail a’ dol gu na h-àiteachan as ainmeile. Bha agus mise ‘s mo chàirdean nuair a bha sinn ag obair agus an uairsin a’ siubhal anns an Rìoghachd Aonaichte ann an ’90; agus ann an ’97, bha mi an Alba le ionad-siubhail cuideachd.

Ach am measg iad sin, tha grunnan ris a tha mi a’ dèanamh fiughair as motha faicinn a-rithist. Na bruachan faisg air a’ chathair-eaglais ann an Inbhir Nis, far an fhaca mi còmhlan pìobaireachd a’ chiad uair; Kinburn Park ann an Cill Rìmhinn, far an do chuir mi seachad aon oidhche ann an ’90; Calton Hill ann an Dùn Èideann; Eadar Dhà Dhobhar; Sealladh na Banrigh aig Loch Teimhil (bha sinn a’ fuireach faisg air ann an ’97); , Baile Chloichrigh, Peairt, Sruighlea, Druim na Drochaid, An t-Eilean Sgitheanach… agus Eaglais Naomh Sheumais ann an Cill Rìmhinn, far an do gheall mi dhomh fhèin ann an ’97 gun till mi air ais.

Tha ùidh agam cuideachd an stad sinn ann an Dùn Deagh (no am bi sinn dìreach a’ dol troimhe mar a bha sinn ri linn an dà turas roimhe); agus tha fhios gu bheil ùidh agam ann am Blàr Ghobharaidh, oir sin far am biomaid a’ cadal.

‘S bochd nach fhaigh mi gu Glaschu, Obar Dheathainn, Inbhir Theòrsa no air mullach Beinn Nibheis mar an do d’fhuair mi le mo chàirdean o chionn fichead bliadhna, ach cha tèid aig duine air a h-uile rud a tha e ag iarraidh fhaighinn – agus tha mi ‘n dòchas nach bi seo turas Albannach deireannach agam!

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s