Deuchainnean SQA

O chionn beagan mhìosan, thug duin’-eigin dhan Fhòram ceangal gu deuchainnean SQA 2009. Shàbhail mi an ceangal sin, oir chuir mi romham gum feuch mi iad aon latha. An deireadh seachdain sa chaidh, rinn mi sin (tha fhios gun do thòsich mi leis an deuchainn na b’ fhasa, Standard Grade Foundation / An Ìre Choitcheann: Bun Ìre) – agus bha na toraidhean gu math neònach.

Bha mi deiseil dhen chiad phàirt, “Leughadh”, ann am fichead mionaid, ged a dh’fhaod mi dà fhichead a thoirt. Fhuair mi 22-25 à 30 comharradh – ach bha mi a’ tuigsinn na trì earrainnean gu lèir; b’ e leisge as coireach nach d’fhuair mi gu bhith na h-uile fichead ‘s a deich.

Air an làimh eile, fhuair mi 19-20 comharraidhean (à 30 a-rithist) bhon dà earrainn sa phàirt eile, “Èisteachd”. Chuir sin iongnadh mòr orm, oir eadhon an dèidh dhomh a’ phàirt a chur gu crìoch, cha robh fhios agam mu dheidhinn dè a bha i. Cha robh mi eòlach air brìgh an teacsa. Mhothaich mi do phìosan fiosrachaidh mar “tha na ticeadan £2 an urra”, ach ticeadan airson dè? Ge-tà, bha a’ cheist mun phrìs, agus mar sin bha an fhreagairt ceart agam. Agus mar sin sìos.

Chuir sin dragh orm. Tha mi a’ ciallachadh – nach bith a’ tuigsinn nuair a tha mi ag èisteachd ach a bhith a’ tuigsinn nuair a tha mi a’ leughadh an aon rud, sin gnothach ris a tha mi cleachdte sa h-uile cànan agamsa, Beurla is Teiceis san àireamh. (Cha do chuir e iongnadh orm nuair a bha mi a’ leughadh nan teacsaichean an uairsin agus gan tuigsinn buileach ach a-mhàin am facal “rafail”.) Ach… ciamar a fhuair mi còrr is an dàrna leth de na comharraidhean a b’ urrainn dhomh faighinn?

‘S mathaid gu bheil mìneachadh agam. An-diugh, chuimhnich mi gu bheil teisteanas innleadair-thogalach agamsa – agus mise gun eòlas mòr air innleadaireachd-thogalas riamh. (Bha mi ag ionnsachadh san cholaiste cho beag ‘s a b’ urrainn dhomh, on nach robh ùidh agam ann an innleadaireachd idir – ach sin sgeulachd eile.) ‘S dòcha gu bheil mi dìreach math air is fortanach le deuchainnean sam bith. Co-dhiù, cha chreid mi nach fheuch mi Standard Grade General / An Ìre Choitcheann:Meadhan Ìre as t-earrach no as t-samhradh!

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s