A’ chiad sneachda

An dèidh obair feasgair Dihaoine, dhùisg mi anmoch an-dè, agus bha mi a’ leughadh san leabaidh (Chesterton: The Defendant agus Eco: Ainm an Ròis) airson greise eile. An dèidh dhomh èirigh mu dheireadh thall, choimhead mi a-mach air an uinneig – agus bha e a’ cur an t-sneachda! A’ chiad sneachda dhen gheamhradh seo sa bhaile far a bheil mi a’ fuireach, ged a bha e air tuiteam aig pàirtean eile dhen dùthaich mar-thà. Seadh, bha an sneachda a’ tuiteam gu mall agus bha e a’ dèanamh aiteimh cho luath ‘s a bhean e ris an talamh, ach nuair a dh’èirich mi an-diugh, bha breath thana dheth an-siud ‘s an-seo mu thràth.

Tha sin a’ còrdadh rium glan. Tha a h-uile rud a’ coimhead nas sèimhe a-nis, agus tha mise a’ faireachdainn nas sèimhe cuideachd. Chan eil cabhag orm idir, ged a tha mi a’ dèanamh tuilleadh is dìreach laighe san leabaidh is leughadh. Co-dhiù, chan eil ach seachd no ochd latha ann gus an tòisich na saor-làithean agamsa… Bha mi meadhanach dìcheallach rè na bliadhna, agus faodaidh mi ga “cur gu crìoch” ann an dòigh gu math slaodach ‘s cofhurtail.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s